Le Fañch Bihan-Gallic
Na gabhaibh dragh idir, chan eil sinn an dha-rìribh ag amas air craobhan a chur anns a h-uile àite! Tha luchd-obrach an Urrais a’ faireachdainn gu bheil craobhan gu leòr gu bhith ann is sinn a’ tòiseachadh às ùr leis ar pròiseact neartachadh nan coilltichean dùthchasach.
Às dèidh dhuinn còrr is 50,000 craobhan a chur san talamh eadar Gleann Lacasdail agus an Sgrìob, tha sinn a’ cur romhainn còrr is 20,000 a bharrachd a chur air bruthach Loch Trolamaraig, eadar an Fhaolainn agus Moilinginis.
Bidh fios aig an fheadhainn a tha eòlach air a’ sgìre sin gu bheil seann chraobhan ann mar-thà – seilich, beithean, caorainn, agus crithinn mar as motha. ’S e an aon nàdar de chraobhan a chuireas sinne, rud a bhios math don àrainneachd againn, ge b’ e lusan no beothaichean. Bidh na craobhan a’ neartachadh na talmhainn agus a’ toirt fasgadh do dh’eòin, biastagan, agus lusan dùthchasach a bhios a’ strì am measg an fhraoich agus an aghaidh atharrachadh na gnàth-thìde. ’S ann àm ri teachd, bidh seo math cuideachd do chaoraich is crodh, nuair a bhios na coilltichean mòr gu leòr airson leigeil leotha a-steach.
Mar is àbhaist, bidh fàilte air saor-thoilich. Nach leig sibh fios thugainn ma tha ùidh agaibh bhur cuid a chur sa ghnothach, fiù ’s mas e dìreach uair no dhà a thìde a bhios ann?
The North Harris Trust, Tigh an Urrais, Tarbert, Isle of Harris HS3 3DB
Comentarios