Mar is àbhaist, bidh sinn a' cabadaich ri cuideigin às an àite airson barrachd ionnsachadh man dèidhinn. Tha sinn a' cur fàilte air Teàrlach Wilson an t-seachdain seo. Tha e os cionn Ionad Dualchais agus Cafaidh Coimhearsnachd An Taigh Cèilidh ann an Steòrnabhagh.

A Theàrlaich, dè a bu chòir dona Hearaich a bhith an dùil nuair a thadhlas iad air An Taigh Cèilidh?
Feumaidh sinn barrachd Hearaich agus Sgalpaich anns an àite, co-dhiù! Gu ruige seo, ’s e rud gu math Leòdhasach a th’ ann, ach tha sinn airson air a h-uile duine a bhith a’ faireachdainn di-beathte. Tha sinn tric a’ cluinntinn na Hearaich agus na Sgalpaich a bhios a’ tighinn a-steach gum bu chòir taigh-cèilidh a bhith anns a h-uile coimhearsnachd Ghàidhealach! Agus sin an fhreagairt gu ìre mhath, cuideachd: ’s e taigh-cèilidh a th’ ann! Tha tòrr còmhradh, seanchas, agus ceòl ann. Anns a’ Mhàrt, tha sinn gu bhith a’ fosgladh àite thachartasan a thuilleadh air a’ chafaidh choimhearsnachd a tha ann mar-thà, agus bidh tòrr ann a’ shin. Tha dùil againn gum bi cèilidhean-ciùil, feasgaran bàrdachd, òraidean is seanchasan, ach cuideachd bùthan-obrach agus clasaichean do luchd na Gàidhlig. Mar eisimpleir, tha fear aig an luchd-obrach againn airson clasaichean sgrìobhadh ciùil a dhèanamh – tro mheadhan na Gàidhlig do luchd na Gàidhlig. Tha sinn cuideachd airson ’s gun tig daoine a-steach le na beachdan aca fhèin agus a’ cleachdadh an àite airson nan tachartasan aca fhèin. ’S ann leis a’ choimhearsnachd a tha An Taigh Cèilidh. Mar sin, ma tha idea agad, no tha thu airson rud a dhèanamh, pàrtaidh co-là-breith no clas ealain no cearcall fighe no às bith dè tha ann, thig a-steach gus bruidhinn rinn no cuir post-d thugainn!
Cò às a thàinig am beachd a bhith a' tòiseachadh leis an iomairt a tha seo?
Och shì, ’s e sgeulachd gu math fada a tha sin! Anns a’ chiad dol a-mach, tha mi air fuireachd thall thairis –anns an Eadailt agus anns a’ Phòl. Thog mi na cànain aca gu math cliobhair air sgàth ’s gu robh na cànain ’od mu mo chuairt fad na h-ùine. Chan eil Beurla aig a h-uile duine, agus bh’ agam ri feuchainn ri bruidhinn ri daoine anns a’ chànan aca fhèin. Nuair a thòisich mi air a’ Ghàidhlig ionnsachadh an uairsin, cha robh àite ann far am b’ urrainn dhomh a dhol gus an cànan a thogail man a rinn mi san Eadailt agus sa Phòl. Agus cha chuala mi facal Gàidhlig a’ chiad uair a thàinig mi a Steòrnabhagh, agus ’s e briseadh-dùil a bha sin.
An uairsin, rinn mi PhD air a’ Ghàidhlig. Bha mi a’ bruidhinn ri eileanaich a bha còrr is trì fichead bliadhna a dh’aois agus aig nach robh Beurla mus do thòisich iad anns an sgoil. Thuirt an t-uamhas rium gu robh iad ag ionndrainn nan cèilidhean man a bha ann fhad ’s a bha iad a’ fàs an àrda. Daoine a’ nochdadh aig an doras gun chuireadh, coimhearsnachdan làn taighean is làn daoine, ceò anns na similearan, agus, gu deimhinne, na taighean-cèilidh. Bhiodh daoine a’ dol ann bhon nach robh taigh-seinnse no taigh-bìdh no càil mar sineach ann sna làithean ’od, agus sin far a robh muinntir na sgìre a’ tighinn còmhladh gus dàimhean na coimhearsnachd a neartachadh le còmradh, naidheachd sam bith a bha ann, ceòl, seanchasan ionadail, agus amhrain. Bhiodh aoighean cuideachd ag èisteachd ri sgeulachdan a bh’ aig na fireannaich a bha air a dhol thall thairis – bha iad aig muir no bha iad san arm.
Co-dhiù, bha sinn uile glacte am broinn an taighe air sgàth COVID nuair a thuirt mi rium fhìn gum biodh againn ri thighinn an àrda le ideas gus a’ choimhearsnachd a thoirt ri chèile a-rithist às dèidh a’ ghalair uamhasach a bha siud. Agus bha muinntir Liùrboist cho math dhomh – bha iad a’ coimhead às mo dhèidh, ga mo chuideachadh leis a’ Ghàidhlig, agus a’ toirt fàilte chridheil bhlàth orm, is bha mi airson preasant taing a thoirt dhaibh. Dè bhiodh na b’ fheàrr na taigh-cèilidh?
Agus thuirt mi rium fhìn – bheir seo tòrr diofar dhaoine còmhladh – daoine aig a bheil a’ Ghàidhlig bho thùs aig a bheil cuimhne air na taighean-cèilidh tradaiseanta a bha anns na bailtean ron a’ sheo, luchd-ionnsachaidh a tha airson a bhith air am bogadh sa choimhearsnachd agus san dualchas, agus luchd-turais a tha airson cultar an eilein a chluinntinn agus fhaicinn. Mar sin, thàinig Magaidh Nic a’ Ghobhainn bhon Acha Mhòr agus mi fhìn còmhladh gus taigh-cèilidh a chur air chois. Thagh sinn Steòrnabhagh bhon nach robh sinn airson a bhith a’ strì ri ionadan coimhearsnachd a-muigh air an tuath. Dh’fhosgail sinn anns an Dùbhlachd 2022, agus tha an dithis againn air a bhith a’ tarraing air an aon ràmh bhon uair ’od!
Dè a th' ann an latha àbhaisteach aig an ionad?
Cha chreid mi gu bheil latha àbhaisteach ann. Innsidh mi dhut dè bh’ againn an-diugh (Diciadain 11mh Gearran 2025). Chaidh mise a-steach anns a’ mhadainn, agus bha an t-àite làn Ghàidheil a bha a’ bruidhinn ri chèile anns a’ Ghàidhlig. Còmhraidhean is gàire. Le copan teatha agus cèic, gu dearbha! Thàinig caraid dhomh a-steach airson catch up. Bha daoine a-mach ’s a-steach airson an diothad aca – brot no ceapaire. Co-dhiù, feasgar, bha cèilidh-chiùil mhìorbhaileach againn. Tha ionnsramaidean san ionad ma tha aoighean airson an cluich, agus bha Magaidh an Acha a-staigh còmhla ri daoine bho dhachaigh-cùraim ionadail. Bha daoine a’ gabhail amhrain eileanach. Bha Hearach ann! Agus bha iad a’ gabhail amhrain Hearach cuideachd. Bha aoigh ann a tha math air a’ bhucas, agus tha a’ chuid as motha a tha ag obair san Taigh Cèilidh math air ceòl. Bha a’ chèilidh sònraichte math, agus abair gun do chòrd i ri na daoine bhon dachaigh-cùraim. Tha sinn a’ faicinn a-nis gu bheil ceangal làidir ann eadar Gàidhlig agus sunnd. Bha Magaidh is mi fhìn air ar dòigh gun deach am feasgar cho math sin.
Dè tha san amharc agad sna seachdainean a tha romhainn?
’S e an dòchas gum bi an t-àite ùr fosgailte anns a’ Mhàrt. Tha sinn ag obair air clàr-àma an-dràsta ged nach eil e buileach deiseil. Tha sinn a’ coimhead ri cèilidhean, bùthan-obrach, buidhnean sòisealta, agus clubaichean dhan chloinn. Bu chaomh leam-sa bùth-obrach sgrìobhadh cruthachail agus buidheann leughaidh (book club) a chur air dòigh. Mar sin, ma tha ùidh anns na tachartasan sin aig duine sam bith a tha a’ leughadh Dè tha dol, thig a bhruidhinn rinn! Ma tha thu airson club a stiùireadh, no rud a theagasg, no tha thu dìreach airson a bhith an làthair aig tachartas, bhiodh sinn air ar dòigh a bhith ag obair còmhla riut.
Bu chaomh leinne co-obrachadh ri ionadan coimhearsnachd is comuinn eachdraidh gus ceanglaichean a thogail. Bhiodh e math, man eisimpleir, nan robh sinn a’ sealltainn air an sgrìn mhòr san àite ùr againn òraidean no talks eile a tha a’ dol ann an coimhearsnachd eile no air eilean eile. Can gu bheil Seallam! a’ dèanamh òraid air a’ chlò-mhòr, faodadh sinn livestream a dhèanamh san Taigh Cèilidh do dhaoine a-bhos an-seo aig am bi ùidh san rud.
Dè as fheàrr leat mun obair agad?
Feumaidh mi aideachadh gur e an luchd-obrach an rud as fheàrr leam man obair agam. Tha iad uile cho tàlantach ’s ceolmhòr ’s còir ’s càirdeil. Tha iad a’ coimhead às mo dhèidh-sa man a tha mise a’ feuchainn ri coimhead às an dèidh-san. Tha mi a’ coimhead air adhart ris a h-uile neach-obrach fhaicinn nuair a tha mi a’ dol a-steach dhan obair agus tha mi gan ionndrainn nuair a bhios mi air mo làithean-saora. Tha iad a’ dèanamh An Taigh Cèilidh man a tha e. ’S e taigh-cèilidh a th’ ann air sgàth ’s gu bheil iad ag obair cho math air, agus gu bheil ùidh aca anns a’ Ghàidhlig, anns an dualchas againn, agus ann am muinntir na coimhearsnachd. Tha mi moiteil àsta agus abair gu bheil sinn fortanach gu bheil iad ann.
Dè nì thu nuair nach eil thu ag obair?
Tha dà chat agam air a bheil Max is Oscar. ’S caomh leotha a bhith còmhla rium fad na h-ùine. Bidh iad ga mo leantainn air feadh an àite agus tha iad gu math còmhraideach. Bidh daoine ag innse dhomh gu bheil iad gam ionndrainn fhad ’s a tha mi ag obair. Mar sin, nuair nach eil mi ag obair, tha mi airson a bhith aig an taigh agus na cait na mo chois. Bidh mi a’ leughadh no coimhead air comadaidhean fhad ’s a bhios na cait nan cadal nam uchd. Bidh mi tric an Liùrbost cuideachd a’ cuideachadh daoine anns a’ choimhearsnachd le na jobaichean aca.
B’ àbhaist dhomh yoga, tango is cycling a dhèanamh. Bu chaomh leam na rudan ’od a dhèanamh a-rithist, agus bu chaomh leam snàmh-mara ionnsachadh (an e sin a’ Ghàidhlig a tha air wild swimming?). Co-dhiù, tha mise a’ creidsinn gu bheil eacarsaich cho cudromach do ar slàinte inntinn agus feumaidh mise barrachd a dhèanamh. ’S dòcha gum faod sinn yoga a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig san àite ùr?! B’ eòlach do sheanair air! No, man a fhreagair bodach rium latha bha seo, “b’ eòlach mo shean-sheanair air – gach taobh!”
Tha sinn a' gabhail copan. Dè tha air a' chlàr-bìdh?
Tha iomadh rud againn san Taigh Cèilidh. Agus tha an luchd-obrach cho tàlantach is cho spòrsach, tha iad deònach custom orders a dhèanamh. Tha mise an-còmhnaidh a’ dèanamh dragh orra le na custom orders a bheir mi dhaibh! Aig deireadh an latha, ged-tà, tha mi toilichte le copan teatha agus briosgaid. Sin rud nach fhaigh thu san Taigh Cèilidh: copan falamh! Bidh briosgaid an-còmhnaidh an cois do chopain! Co-dhiù no cò dheth, gabhaidh mise copan teatha is empire biscuit an-dràsta!
Summary for Gaelic learners
Teàrlach is telling us about An Taigh Cèilidh, the Gaelic cultural centre in Stornoway. Everyone is welcome, be they fluent speakers wanting to be in a Gaelic space or learners seeking immersion. Music, conversation circles, stories, coffee and tea, and far more are on the programme. An Taigh Cèilidh is for the community and by the community, so everybody can come with projects for activities and clubs in Gaelic. It all started when Teàrlach noticed that a lot of people were missing the old taighean-cèilidh (cèilidh houses) in which the community would gather. After having been welcomed so warmly by Leòdhasaich, he decided to give something back and got together with Magaidh Smith to create a taigh cèilidh of their own. In March, they will open a new space for all sorts of events. If you have your own ideas, or if you just want to come enjoy the cèilidh, feel free to visit!
Facebook: An Taigh Cèilidh
Instagram: @taighceilidh
Comments